07. SEANN SHAIGHDEARAN ÙIGE

Podcast Audio File (MP3)


Sna bliadhnaichean aig toiseach na 19mh linne, chaidh fir òga na sgìre a thogail airson sabaid thall-thairis ann an Cogaidhean Napolean. Thill cuid dhiubh dhachaigh dall ach le àrd inbhe agus beairteas. Tha an sgeulachd seo suidhichte ann am baile Chrabhastaidh. Bhathas a’ cruth-atharrachadh cùisean cudromach de bheatha shòisealta an àite mun àm a thill iad: bha luchd-còmhnaidh iomlan bhailtean gam fògradh airson tuathanasan ùra a chruthachadh.