02. FIR-TÀILEISG LEÒDHAIS

Podcast Audio File (MP3)


Tha an cunntas eachdraidheil ag innse mar a thurchair dha croitear bhon sgìre a thighinn tarsaing air an tasgaidh agus mar a thuit na pìosan ann an làmhan prìobaiteach neo-shàbhailte agus mar a thàinig dà earrainn dhiubh gu bhith ann an taighean-tasgaidh ann an Dùn Èideann agus Lunnainn.

Air ceann a tuath na tràghad tha tobhta dùin rin canar Dùn Chiuthaich. Tha e air eilean beag a tha ceangailte ri tìr-mòr Ùige le blocaichean mòra cloiche.